Caithness Map :: Links to Site Map Great value Unlimited Broadband from an award winning provider  

 

Gaelic Easter Activities For Hundreds Of Young People - Òigridh air feadh Alba a' Gabhail Com-pàirt ann an Tachartasan Gàidhlig na Càisge

3rd April 2024

Photograph of Gaelic Easter Activities For Hundreds Of Young People - Òigridh air feadh Alba a' Gabhail Com-pàirt ann an Tachartasan Gàidhlig na Càisge

Gheibh na ceudan de dh'òigridh ann an coimhearsnachdan air feadh Alba cothrom a dhol an sàs ann am Fèisean a’ tachairt rè shaor-làithean na Càisge eadar Nis, Port Rìgh, Inbhir Nis, An t-Òban, Obar Dheathain agus Glaschu. Bidh iad a’ faighinn oideachadh luachmhor ann an ceòl traidiseanta, dràma, òrain Ghàidhlig, dannsa agus ealain bho luchd-teagaisg air leth comasach.

A bharrachd orra sin bidh tachartas còmhnaidh Fèisean nan Gàidheal - 5 Latha – air ais anns Na Geàrrannan, Eilean Leòdhais uair eile a’ toirt taghadh farsaing de chur-seachadan ann an coimhearsnachd Gàidhlig airson an cuid sgilean cànain a neartachadh.

Gach latha bidh clasaichean ciùil ann le Iain MacMhaighstir (Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain) agus Seonaidh Mac an t-Saoir (Trail West) os an cionn. Bidh iad cuideachd an sàs ann an gnìomhan co-cheangailte ri croitearachd, fiadh-bheatha, obair a’ Chlò Hearaich agus còcaireachd, le daoine anns a’ choimhearsnachd a’ lìbhrigeadh sheiseanan dhaibh. Bidh gach latha a’ toirt cothrom do dh’òigridh an cuid Gàidhlig a chur gu feum agus iad air am brosnachadh briathrachas ùr a thogail anns gach cur-seachad sam bi iad an sàs.

Thuirt Manaidsear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal, Calum Ailig Macmhaoilein, "Bhon a thòisich sinn 5 latha ann an 2012 tha còrr is 140 com-pàirtiche air a bhith an sàs, ‘s tha sinn toilichte a bhith a’ cur fàilte am-bliadhna air 16 òigear bho choimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Gach bliadhna tha sinn a’ faicinn mar a tha an òigridh a’ fas nas misneachaile tron t-seachdain agus an togail a tha iad a’ faighinn tro choinneachadh le caraidean ùra agus na diofar chur-seachadan a tha mar phàirt den tachartas."

“Tha coimhearsnachd Carlabhaigh a’ cur fàilte bhlàth oirnn gach bliadhna, ‘s tha sinn cho taingeil airson na taic a tha iad a’ toirt dhuinn agus don òigridh. Bidh cèilidh againn le cuideachadh bho Chòisir Ghàidhlig Chàrlabhaigh Diardaoin 4 Giblean, le òrain is puirt bho chom-pàirtichean, luchd-teagaisg is luchd-stiùiridh an tachartais. Tha sinn gu mòr an comain Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid 5 Latha a chur air dòigh.”

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Le maoin bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Fonndas Uilleim Ghrannd, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte taic a chumail ri Fèisean air feadh Alba. Tha sinn daonnan airson obair nan comataidhean a dhèanamh nas fhasa, agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dhaibh leis na tachartasan a tha a’ dol air adhart a bheireadh cothrom do dh’òigridh eòlas a chur air an dualchas agus cothroman obrach a chruthachadh do luchd-ealain.”

Gaelic Easter Activities for Hundreds of Young People

The Easter holidays promise to be a busy period for Fèisean nan Gàidheal supporting Fèis activities across the country from Ness to Portree, Oban, Inverness, Aberdeen and Glasgow. Hundreds of young people will have the opportunity to learn traditional music, Gaelic song, drama and dance from highly-skilled tutors.

In addition, Fèisean nan Gàidheal’s annual residential event for young Gaelic speakers – 5 Latha – is being held again at the Gearrannan Blackhouses, Isle of Lewis, offering a wide choice of language enriching activities.

Each day Iain MacMaster (Glenfinnan Cèilidh Band) and Seonaidh MacIntyre (Trail West) are leading music and song workshops. They will also be participating in a number of community activities including crofting, wildlife, Harris Tweed weaving and cooking. All activities encourage the use of Gaelic and aim to expand the vocabulary of those involved.

Fèisean nan Gàidheal Development Manager Calum Alex Macmillan said: “Since 5 latha began in 2012 more than 140 participants have been involved and we are delighted to be back at the Gearrannan Blackhouses for with 16 participants from across Scotland signed up for activities. Each year we are encouraged by the growth in confidence among young people during the week through interaction with new friends and the pleasure they get from the activities.”

“Each year the Carloway community welcomes us warmly and we are so indebted to them for support they offer the young people. We will have a cèilidh on Thursday 4 April with the help of Còisir Ghàidhlig Chàrlabhaigh (Carloway Gaelic Choir) and music and song from participants, tutors and supervisors involved in the event. We grateful to Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig for the funding support which allows us to organise 5 Latha.”

Arthur Cormack, Fèisean nan Gàidheal Chief Executive, said: “With financial support from Creative Scotland, Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council and Argyll & Bute Council, Fèisean nan Gàidheal is delighted to assist Fèisean across Scotland. We are focussed on making the job of voluntary committees as easy as possible. Their enthusiasm is always inspirational and we wish them every success with their upcoming events which, as well as bringing communities together to experience their culture, will support the local economy and provide employment for freelance artists.”