Caithness Map :: Links to Site Map Great value Unlimited Broadband from an award winning provider  

 

Highland Schools make FilmG Shortlist

16th January 2019

Photograph of Highland Schools make FilmG Shortlist

FilmG, MG ALBA's Gaelic Short Film Competition, has announced the shortlists for this year's competition with young filmmakers, community groups and school groups from around the country making the shortlist.

The jury panels comprised of a variety of directors, producers and scriptwriters currently working in the industry.

Highland schools continue to excel in the FilmG initiative, these include Lochaber High, Millburn Academy, Inverness Royal Academy, Ardnamurchan High, Alness Academy and Bun-Sgoil Stafainn all making the final cut with films ranging from social issues affecting young people in every day society to emotional historical disasters.

Councillor Alister Mackinnon, Chair of The Highland Council's Gaelic Strategy and Implementation Group said, "I’d like to congratulate all the schools in the Highlands who are in the finals. It is terrific to realise how much creative talent exists in communities across the Highlands, particularly amongst the young people. The FilmG should also be congratulated for providing this wonderful opportunity for those studying Gaelic to showcase their work so professionally, and also to recognise the rich value of our Gaelic heritage within the creative industries.

He continued, "Gaelic in the Arts, Culture and Heritage is one of the strategic aims of our Council's third Gaelic Language Plan. We recognise that initiatives in the creative industries which focus on language usage add value and strengthen linguistic development across all ages and generations in our communities. I wish everyone every success, everyone is a winner!"

All the shortlists are now available online on the FilmG website http://filmg.co.uk/en/ where you can also view all the entries in this year’s competition. The winners will be announced at the prestigious FilmG awards ceremony taking place at the Old Fruitmarket in Glasgow on Friday 8 February 2019.

Sgoiltean na Gàidhealtachd air Geàrr-liosta FilmG

Tha FilmG, Farpais nam Filmichean Goirid Gàidhlig aig MG Alba, air geàrr-liosta farpais na bliadhna seo ainmeachadh agus tha luchd-film òga, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean sgoile a’ nochdadh. Bha measgachadh de stiùirichean, riochdairean agus sgrìobhadairean sgriobt, a tha ag obair sa ghnìomhachas, air a’ phannal bhreithneachaidh.

Tha soirbheachas sgoiltean na Gàidhealtachd a’ leantainn air adhart ann an iomairt FilmG. Tha Àrd-Sgoil Loch Abar, Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Àrd-Sgoil Àird nam Murchan, Acadamaidh Alanais agus Bun-Sgoil Stafainn uile air a’ gheàrr-liosta le cuspairean leithid cùisean sòisealta a tha a’ toirt buaidh air daoine òga ann an comann-shòisealta an latha an-diugh agus mòr-thubaistean eachdraidheil.

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, "Bu toil leam meal an naidheachd a chur air sgoiltean na Gàidhealtachd a tha air a’ chuairt dheireannaich a ruighinn. Tha e fìor mhath gu bheil na h-uimhir de thàlant chruthachail ann an coimhearsnachdan thar na Gàidhealtachd, gu h-àraid am measg òigridh. Bu chòir meal an naidheachd a chur air FilmG cuideachd airson a’ chothruim air leth seo a thoirt dhaibhsan a tha an lùib sgoilearachd na Gàidhlig gus an cuid obrach a thaisbeanadh ann an dòigh cho proifeiseanta, agus gus aithne a thoirt do luach bheairteach dualchas na Gàidhlig sna gnìomhachasan cruthachail."

Lean e air adhart, “Tha a’ Ghàidhlig anns na h-Ealain, ann an Cultar agus ann an Dualchas na amas ro-innleachdail ann an treas Plana Gàidhlig na Comhairle. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil iomairtean sna gnìomhachasan cruthachail a tha ag amas air cleachdadh cànain a’ cur luach ri agus a’ neartachadh leasachadh cànain thar gach aois is ginealach sna coimhearsnachdan againn. Tha mi a’ guidhe soirbheachas dhan a h-uile duine agus tha a h-uile duine a’ buannachadh!"

Tha na geàrr-liostaichean uile a-nis air-loidhne air làrach-lìn FilmG http://filmg.co.uk/gd/ agus chì sibh filmichean farpais na bliadhna seo. Thèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm chliùiteach dhuaisean FilmG san Old Fruitmarket ann an Glaschu air Dihaoine 8 Gearran.

[Printer Friendly Version]