Caithness Map :: Links to Site Map Great value Unlimited Broadband from an award winning provider  

 

Comataidh na Gàidhlig air beachdachadh air Ro-innleachd Conaltraidh agus Com-pàirteachais airson na Gàidhlig

5th November 2020

Aig a coinneamh an-diugh, chaidh iarraidh air buill Chomataidh na Gàidhlig beachdachadh air grunn mholaidhean, agus dòigh-obrach aontachadh, gus Ro-innleachd Conaltraidh agus Plana Com-pàirteachais a leasachadh.

Tha an còmhradh seo a' leantainn air adhart bho bhùithtean-obrach a chumadh air-loidhne san t-Sultain 2020 gus beachdachadh air mar a bheir Comhairle na Gàidhealtachd prìomhachas do na prìomh ghnìomhan ann am Plana na Gàidhlig 3 agus mar a thèid an cur an gnìomh mu choinneamh ‘A' Cleachdadh na Gàidhlig, Ag Ionnsachadh na Gàidhlig agus A’ Brosnachadh na Gàidhlig’.

Tha dealas aig Comhairle na Gàidhealtachd do bhith a’ togail ìomhaigh cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig, an dà chuid air an taobh a-staigh agus air an taobh a-muigh, agus thathar a’ coimhead ri bhith a’ brosnachadh is a’ togail ùidh sa chànan. Am measg nam beachdan a chaidh a thogail tha a bhith a’ cleachdadh ceòl, cultar is dualchas; a bhith a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta airson a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas follaisiche, agus a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le prìomh luchd-ùidh.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig: "Tha e na phrìomhachas cudromach dhan chomataidh seo a bhith a’ toirt taic do luchd-labhairt na Gàidhlig is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan againn air fad tro bhith a’ cruthachadh barrachd shuidheachaidhean far an urrainnear an cànan a chleachdadh is a chluinntinn. Tha sinn cuideachd an dòchas ìomhaigh na Gàidhlig a thogail taobh a-staigh na Comhairle agus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus a cleachdadh nam beathannan làitheil. Le bhith a’ togail misneachd am measg luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh gus an cànan a chleachdadh agus le bhith a’ togail aire mun bheartas a tha an lùib cultar na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan againn anns gach ceàrn dhen Ghaidhealtachd, tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh air feadh na Gàidhealtachd."

Lean e air adhart: "Tha mi cinnteach gum bi na molaidhean a chaidh a dheasbad anns a’ chomataidh againn an-diugh, agus na molaidhean a bhios sinn a’ toirt air adhart, nam bun-stèidh làidir agus gum bi iad nan deagh thoiseach tòiseachaidh airson ceangal a thogail le luchd-ùidh agus dèanamh cinnteach à leasachadh leantainneach airson na Gàidhlig."

CRÌOCH

Approach to Gaelic Communication and Engagement Strategy considered during committee meeting today

At its meeting today, members of the Gaelic Committee were asked to give consideration to a number of proposals, and agree its approach, for developing a Gaelic Communications Strategy and Engagement Plan.

This discussion follows a number of workshops which took place virtually during September 2020 to consider how Highland Council will prioritise and implement the key actions within the Gaelic Language Plan 3 (GLP3) set against the backdrop of ‘Using Gaelic, Learning Gaelic and Promoting Gaelic’.

Highland Council is committed to raising the profile of Gaelic language heritage and culture both internally and externally and is looking to promote and attract interest in the language. Proposed ideas include: the use of music, culture and heritage; maximising social media platforms for increased exposure of the language and partnership working with key stakeholders.

Cllr Calum Munro, Chair of the Gaelic Committee, said: “A key priority for this committee is to support Gaelic speakers and Gaelic learners across all our communities by promoting its use and creating situations where the language can be used and heard. We also hope to raise the profile of Gaelic within Highland Council and also to encourage its use in the daily life of more and more people. By developing confidence in speakers and learners to use the language and raising awareness of the rich elements of Gaelic culture in our communities in every corner of Highland we hope to ensure that Gaelic thrives in the Highlands.”

He continued: “I am confident that the proposals discussed during our committee today and the plans we take forward will form a robust foundation and a positive starting point for engaging with key stakeholders and ensuring continuing Gaelic language development.”