Caithness Map :: Links to Site Map Great value Unlimited Broadband from an award winning provider  

 

Buill Chomataidh na Gàidhlig a' moladh soirbheachas a' chiad Mhòid Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne

5th November 2020

Anns a' choinneimh aca an-diugh, mheòraich Buill Chomataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air a' chiad Mhòd Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne, a bha air a chumail eadar 9-17 Dàmhair 2020.

Bhathar an dùil Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa a chumail ann an Inbhir Nis ach air sàillibh galar Covid-19, b’ fheudar dhan Chomunn Ghàidhealach a chur dheth agus a ghluasad air-loidhne.

Thug an tachartas cothrom do dh’inbhich is do chloinn com-pàirt a ghabhail le taisbeanaidhean air-loidhne am-bliadhna.

Nuair a chaidh beachdachadh air an tachartas aig Comataidh na Gàidhlig an-diugh, bha Buill airson moladh a chur an cèill agus meal a naidheachd a chur air na daoine tàlantach uile a ghabh com-pàirt am-bliadhna. Chaidh moladh a dhèanamh cuideachd air a’ bhall chomataidh, an Comhairliche Raymond Bremner, a riochdaich sgìre Ghallaibh aig a’ Mhòd Air-loidhne, le seata de dh’òrain Ghàidhlig a chòrd glan ris a’ mhòr-shluagh.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig, "Ged a b’ fheudar an tachartas a chur air adhart ann an dòigh eadar-dhealaichte am-bliadhna, tha mi fìor thoilichte gun robh Mòd againn agus chòrd e glan rium a bhith ga choimhead air an telebhisean is air na meadhanan sòisealta. Chòrd Cèilidh na Comhairle, a chaidh a chur air dòigh ann an co-bhann le Fèis Rois agus a thug am Mòd gu crìch, sònraichte math rium. Air sàillibh Covid-19, tha againn uile ri bhith cruthachail is innleachdach agus feum nas fheàrr a dhèanamh de theicneòlas, gus an urrainn do thachartasan a leithid seo a dhol air adhart. Tha mi cinnteach gun do chuidich e mòran dhaoine gum b’ urrainn dhaibh a bhith an làthair aig a’ Mhòd, ged a b’ ann gu bhiortail, agus gun robh iomadh neach a’ faireachdainn gun robh cùisean rud beag na b’ àbhaistiche an lùib nan amannan neònach seo."

Thuirt e sa cho-dhùnadh: "Bu toil leam a-rithist an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt dhan Chomunn Ghàidhealach airson tachartas soirbheachail, a chòrd ris a h-uile duine, a chur air dòigh ann an suidheachadh doirbh."

Le ùmhlachd do stiùireadh an Riaghaltais aig an àm, thathar an dùil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Inbhir Nis anns an Dàmhair 2021. Tha ullachaidhean airson an tachartais air tòiseachadh mar-thà.

CRÌOCH

Gaelic Committee members reflect and praise the success of the first virtual Royal National Mòd

Members of the Highland Council’s Gaelic Committee, during their meeting today, reflected on the first virtual Royal National Mòd which took place between 9-17 October 2020.

This year’s Royal National Mòd was originally due to take place in Inverness, however, in response to the COVID-19 pandemic, event organisers An Comunn Gàidhealach took the decision to cancel the event and move it online.

The event showcased a range of performances from children and adults who participated online this year.

When discussed at the Gaelic Committee today, members were keen to share their praise and congratulations with all of the talented individuals who participated this year. This admiration extended to a fellow member of the committee, Cllr Raymond Bremner, who represented the Caithness area at this year’s virtual Mòd, performing a Gaelic Medley which was very well received.

Cllr Calum Munro, Gaelic Committee Chair, Highland Council said, "Despite the fact that this event had to be conducted in a different manner this year, I’m delighted that the Mòd was still able to take place and thoroughly enjoyed watching this on television and on social media. Cèilidh na Comhairle, which was organised in partnership with Fèis Rois and concluded the event, was a personal highlight. Due to COVID-19, we have all had to be creative and innovative, along with making greater use of technology, in order that events such as the Mòd can proceed. I am sure that being able to attend the Mòd, albeit by virtual-means, helped many individuals to feel a sense of normality during these strange times."

He concluded: “I would once again like to take this opportunity to express my thanks to An Comunn Gàidhealach for pulling together this superb and well-received event under difficult circumstances”.

Subject to Government guidance in force at the time, the Royal National Mòd is scheduled to take place in Inverness during October 2021. Preparations for the event have already commenced.